Air a ghabhail ris agus fosgailte gus a shoidhnigeadh, a dhaingneachadh agus a shealbhachadh le rùn 44/25 an Àrd-Sheanaidh air 20 Samhain 1989. Air tighinn gu buil 2 Sultain 1990, a rèir alt 49.

Ro-ràdh

Tha na Stàitean a tha nam Pàrtaidhean don Chùmhnant a tha ann an-dràsta,

A’ tuigsinn, a rèir nam prionnsapalan a ghairmeadh ann an Cairt nan Dùthchannan Aonaichte, gu bheil aithneachadh air uaisleachd nàdarra agus air còraichean co-ionann is do-dhealaichte a tha aig a h-uile duine den teaghlach dhaonna mar bhunait ri saorsa, ceartas agus sìth san t-saoghal,

A’ cumail air chuimhne gu bheil muinntir nan Dùthchannan Aonaichte, anns a’ Chairt, air an creidsinn aca ann an còraichean bunaiteach daonna agus ann am uaisleachd is luach mhic an duine a dhaingneachadh às ùr, agus air cur romhpa adhartas sòisealta agus inbhean nas fheàrr den bheatha ann an saorsa san fharsaingeachd a chur air adhart,

Ag aithneachadh gu bheil na Dùthchannan Aonaichte, anns an Fhoirgheall Choitcheann mu Chòraichean Daonna agus anns na Cùmhnantan Eadar-nàiseanta air Còraichean Daonna, air gairm agus aontachadh gu bheil a h-uile duine airidh air na còraichean is an t-saorsa uile a tha gan cur an cèill annta, gun dealachadh de sheòrsa sam bith, leithid cinneadh, dath, gnè, cànan, creideamh, beachdan poilitigeach no eile, tùs nàiseanta no sòisealta, sealbh, breith no inbhe eile,

A’ cuimhneachadh gu bheil, anns an Fhoirgheall Choitcheann mu Chòraichean Daonna, air gairm gu bheil clann airidh air cùram is cuideachadh sònraichte,

Deimhinne dheth gum bu chòir gum faigheadh an teaghlach, mar bhuidheann bhunaiteach san t-sòisealtas agus an àrainneachd nàdarra ceangailte ri fàs is fallaineachd nam ball uile agus clann gu sònraichte, an dìon is an cuideachadh a tha a dhìth gus an gabh e a chuid dhleastanasan anns a’ choimhearsnachd gu h-iomlan,

Ag aithneachadh gum bu chòir gum fàsadh an leanabh, gus am fàs e/i na p(h)earsa gu h-iomlan is gu rèidh, ann an àrainneachd an teaghlaich, far a bheil toileachas, gaol agus tuigse,

A’ tuigsinn gum bu chòir gum biodh an leanabh deiseil gu h-iomlan mairsinn mar neach-aonair san t-sòisealtas, agus air (a h-)àrach a rèir nam beachdan a chuirear an cèill ann an Cairt nan Dùthchannan Aonaichte, agus gu h-àraidh far a bheil sìth, uaisleachd, fulangas, saorsa, co-ionannachd agus dlùth-phàirteachas,

A’ toirt fa-near gun deach am feum air aire shònraichte a thoirt don leanabh a chur an cèill ann am Foirgheall Geneva mu Chòraichean an Leanaibh ann an 1924 agus anns an Fhoirgheall mu Chòraichean an Leanaibh ris an do ghabh an t-Àrd-Sheanadh air 20 Samhain 1959 agus a thathar ag aithneachadh anns an Fhoirgheall Choitcheann mu Chòraichean Daonna, anns a’ Chùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Catharra is Poilitigeach (gu h-àraidh ann an uilt 23 is 24), anns a’ Chùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta is Cultarail (gu h-àraidh ann an alt 10) agus anns na reachdan is na h-ionnsramaidean buntainneach aig buidhnean-gnìomha sònraichte agus eagrachaidhean eadar-nàiseanta sònraichte a tha a’ gabhail gnothaich ri leas chloinne,

A’ cumail air chuimhne, mar a chaidh a ràdh san Fhoirgheall mu Chòraichean an Leanaibh, gu bheil “an leanabh, leis nach eil e/i na (h-)inbheach na b(h)odhaig no na inntinn fhathast, feumach air dìon is cùram sònraichte, dìon laghail iomchaidh, ro bhreith agus na dhèidh”,

A’ cuimhneachadh air na h-ullachaidhean anns an Fhoirgheall air Prionnsapalan Sòisealta is Laghail mu Dhìon is Leas Chloinne, le Iomradh Sònraichte air Altram is Uchdachd gu Nàiseanta is gu h-Eadar-nàiseanta; Riaghailtean Bunaiteach nan Dùthchannan Aonaichte mu Rianachd Ceartas na h-Òigridh (Riaghailtean Bejing); agus air an Fhoirgheall mu Dhìon Bhoireannach is Chloinne ann an Èiginn is Strì fo Arm, ag Aithneachadh, anns a h-uile dùthaich anns an t-saoghal, gu bheil clann a’ mairsinn ann an suidheachadh anabarrach doirbh, agus gu bheil a leithid de chloinn feumach air cùram sònraichte,

Mothachail air cho cudromach agus a tha an cuid dualchais is cultair do na h-uile mu dhìon is mu fhàs rèidh an leanaibh, ag Aithneachadh cho cudromach agus a tha co-obrachadh eadar-nàiseanta gus feabhas a thoirt air cor-mairsinn na cloinne anns a h-uile dùthaich, gu sònraichte anns na dùthchannan fo leasachadh,

Air aontachadh mar a leanas:

PÀIRT I

Alt 1

Air adhbharan a’ Chùmhnaint a tha ann an-dràsta, is e a tha ann an leanabh a h-uile neach fo aois ochd bliadhna deug nas lugha na thathar fon lagh a bhuineas ris an leanabh air inbheachd a thoirt a-mach nas tràithe.

Alt 2

1. Bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do na còraichean anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta agus daingnichidh iad iad do gach leanabh gun dealachadh de sheòrsa sam bith, chan eile e gu diofar dè an cinneadh, an dath, a’ ghnè, an cànan, an creideamh, na beachdan poilitigeach no eile, an tùs nàiseanta, cinneadail no sòisealta, sealbh, ciorram, breith no inbhe eile a tha aig an leanabh no aig a p(h)àrantan no aig a neach-gleidhidh laghail.

2. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum iomchaidh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil an leanabh air a d(h)ìon bhon a h-uile seòrsa de leth-bhreith no de pheanasachadh a rèir inbhe, gnìomhan, beachdan nochdte, no creideamh pàrantan, luchd-gleidhidh, no teaghlach an leanaibh.

Alt 3

1. Anns a h-uile gnìomh mu chloinn, biodh e air a ghabhail os làimh le buidhnean ri leas sòisealta a tha poblach no prìobhaideach, cùirtean-lagha, ùghdarrasan rianachail no buidhnean reachdail, is e an leas as fheàrr don leanabh am bun-phrìomhachas.

2. Tha na Pàrtaidhean Stàite a’ gabhail os làimh gun dèan iad cinnteach gum faigh an leanabh a leithid de dhìon is de chùram a tha a dhìth airson fallaineachd, mothachail air còraichean is dleastanasan a p(h)àrantan, a luchd-ghleidhidh no feadhainn eile ris a bheil e/i an urra gu laghail, agus gus seo a thoirt a-mach, gabhaidh iad a h-uile ceum laghail is rianachail a tha iomchaidh.

3. Nì na Pàrtaidhean Stàite cinnteach gum bi na buidhnean, na seirbheisean is na goireasan ris a bheil cùram no dìon chloinne an urra a rèir nan inbhean a stèidheachadh le ùghdarrasan iomchaidh, gu sònraichte a thaobh sàbhailteachd, slàinte, ann an àireamh is freagarrachd an luchd-obrach, a bharrachd air faire iomchaidh.

Alt 4

Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite os làimh a h-uile ceum reachdail, rianachail agus eile a tha iomchaidh gus na còraichean a thathar ag aithneachadh anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta a thoirt gu buil. A thaobh nan còraichean eaconamach, sòisealta is cultarail, gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a leithid de cheuman os làimh chun na h-ìre as motha de ghoireasan aca a tha rim faotainn agus, nuair a bhios feum air, an taobh a-staigh frèam co-obrachaidh eadar-nàiseanta.

Alt 5

Bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do na h-uallachaidhean, na còraichean is na dleastanasan a tha aig pàrantan no, nuair a tha e iomchaidh, do bhuill an teaghlaich no na coimhearsnachd anns an fharsaingeachd a rèir chleachdaidhean ionadail, luchd-gleidhidh laghail no dhaoine eile ris a bheil an leanabh an urra, gus, air mhodh a tha air an aon rèir ri comasan an leanaibh agus e/i a’ fàs, treòrachadh is stiùireadh iomchaidh a thoirt seachad agus an leanabh a’ cleachdadh nan còraichean a dh’aithnichear anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta.

Alt 6

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh gu bheil a’ chòir dhualach air a’ bheatha aig a h-uile leanabh.

2. Daingnichidh na Pàrtaidhean Stàite chun na h-ìre as motha a ghabhas mairsinn is àrach an leanaibh.

Alt 7

1. Thèid an leanabh a chlàradh gu dìreach an dèidh breith agus bidh de chòir aige/aice bho bhreith air ainm, a’ chòir air nàiseantachd fhaighinn agus, uimhir is a ghabhas dèanamh, a’ chòir air eòlas a bhith aige/aice air a p(h)àrantan agus aire fhaighinn bhuapa.

2. Daingnichidh na Pàrtaidhean Stàite lìbhrigeadh nan còraichean seo a rèir an lagha nàiseanta agus nan dleastanasan a tha orra fo na h-ionnsramaidean eadar-nàiseanta iomchaidh san raon seo, gu sònraichte nuair a bhiodh an leanabh air dòigh eile gun stàit.

Alt 8

1. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite os làimh meas a thoirt do chòir an leanaibh gus a d(h)earbh-aithne a ghleidheadh, nàiseantachd, ainm agus teaghlach mar a dh’aithnichear fon lagh gun bhriseadh a-steach mì-laghail anns an àireamh.

2. Nuair a thèid cuid de dh’eileamaidean no na h-eileamaidean uile de dhearbh-aithne a thoirt air falbh gu mì-laghail bho leanabh, bheir na Pàrtaidhean Stàite cobhair is dìon iomchaidh seachad, gus a d(h)earbh-aithne a thoirt air ais gu luath.

Alt 9

1. Nì na Pàrtaidhean Stàite cinnteach nach tèid leanabh a sgaradh ri p(h)àrantan an aghaidh an deòine, ach a-mhàin nuair nì ùghdarrasan iomchaidh co-dhùnadh fo ath-sgrùdadh laghail, a rèir laghan is mhodhan iomchaidh, gu bheil feum air a leithid de sgaradh airson leas an leanaibh. Faodaidh gum bi a leithid de cho-dhùnadh a dhìth ann an cùis àraidh far a bheil mar eisimpleir droch-dhìol no dearmad air an leanabh leis na pàrantan, no cùis far a bheil aonan de na pàrantan a’ fuireach fa leth agus anns am feumar co-dhùnaidh a ghabhail mu àite-fuirich an leanaibh.

2. Ann an imeachdan sam bith fo pharagraf 1 den alt a tha ann an-dràsta, thèid an cothrom don a h-uile pàrtaidh aig a bheil ùidh sa chùis pàirt a ghabhail anns na h-imeachdan agus na beachdan aca a nochdadh.

3. Bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do chòir an leanaibh a tha air a sgaradh bho aonan no bhon dithis phàrantan aige/aice càirdeas pearsanta agus ceangal dìreach a chumail ris an dithis phàrantan gu cunbhalach, ach a-mhàin ma bhios e an aghaidh leas an leanaibh.

4. Nuair a dh’èireas a leithid de sgaradh mar thoradh air gnìomh sam bith a nì Pàrtaidh Stàite, leithid a bhith an greim, prìosanachadh, fògradh, cur a-null thairis no bàs (a’ gabhail a-steach bàs ag èirigh bho adhbhar sam bith fhad is a tha am pearsa ga chumail an greim leis an Stàit) do phàrant no do dhithis phàrantan an leanaibh, bheir an Stàit, nuair a thèid iarraidh, am fiosrachadh deatamach do na pàrantan, don leanabh no, mas iomchaidh, do bhall eile don teaghlach a thaobh càite bheil am ball/na buill den teaghlach nach eil an làthair nas lugha na bhiodh ullachadh an fhiosrachaidh an aghaidh leas an leanaibh. Nì na Pàrtaidhean Stàite cinnteach cuideachd nach toir a bhith a’ cur a-steach a leithid de dh’iarrtas droch-bhuaidh sam bith air a’ phearsa/na pearsaichean a tha an sàs.

Alt 10

1. A rèir nan dleastanasan a tha air na Pàrtaidhean Stàite fo alt 9, paragraf 1, thèid iarrtasan le leanabh no leis na pàrantan aige/aice gus dol a-steach ann am Pàrtaidh Stàite no a fhàgail airson gun tig teaghlach air ais còmhla a làimhseachadh le Pàrtaidhean Stàite ann an dòigh a tha deimhinneach, daonndach agus grad. Nì na Pàrtaidhean Stàite cinnteach cuideachd nach toir cur a-steach a leithid de dh’iarrtas droch-bhuaidh sam bith air an tagraiche no air buill an teaghlaich aige/aice.

2. Bidh de chòir aig leanabh a tha na pàrantan aige/aice a’ fuireach ann an Stàitean eadar-dhealaichte, càirdeas pearsanta agus ceangal dìreach a chumail ris an dithis phàrantan ach a-mhàin ann an suidheachaidhean air leth. Gus sin a thoirt a-mach agus a rèir nan dleastanasan a tha air Pàrtaidhean Stàite fo alt 9, paragraf 1, bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do chòir an leanaibh agus dha p(h)àrantan dùthaich sam bith, an dùthaich aca fhèin nam measg, fhàgail agus dol a-steach don dùthaich aca fhèin. Bidh a’ chòir air dùthaich sam bith fhàgail dìreach fo na cuingealachaidhean ud a tha air an òrdanachadh leis an lagh agus a tha a dhìth gus sàbhailteachd nàiseanta, rian poblach, slàinte phoblach no beusan is saorsa dhaoine eile a dhìon agus a tha air an aon rèir ris na còraichean eile a dh’aithnichear anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta.

Alt 11

1. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite ceuman gus cur an aghaidh fuadach gun tilleadh neo-cheadaichte cloinne thall thairis.

2. Gus seo a thoirt a-mach, brosnachaidh na Pàrtaidhean Stàite a bhith a’ dèanamh aontaidhean dà-thaobhach no ioma-thaobhach no a bhith a’ gabhail ann an aontaidhean a tha ann mar-thà.

Alt 12

1. Barantaichidh na Pàrtaidhean Stàite do leanabh a tha comasach air a c(h)uid bheachdan fhèin a chruthachadh a’ chòir na beachdan sin a nochdadh gun bhacadh anns gach cùis a bhios a’ bualadh air an leanabh, agus beachd ceart air a ghabhail air beachdan an leanabh a rèir aois is inbheachd an leanaibh.

2. Airson an adhbhair seo, thèid an cothrom a thoirt gu sònraichte don leanbh gun cluinnear a g(h)uth ann an imeachdan laghail no rianachail sam bith a bhios a’ bualadh air an leanabh, an dara cuid gu dìreach, no tro riochdaire no tro bhuidheann iomchaidh, ann an dòigh a tha air an aon rèir ris na riaghailteach mu mhodhan anns an lagh nàiseanta.

Alt 13

1. Bidh a’ chòir aig an leanabh air saorsa labhairt ; gabhaidh an t-saorsa seo a-steach saorsa gus fiosrachadh is beachdan den a h-uile seòrsa a shireadh, fhaighinn agus a sgaoileadh, gun umhail do chrìochan, biodh iad ann an labhairt, ann an sgrìobhadh no ann an clò, san riochd ealain, no tro mheadhan sam bith eile a thaghas an leanabh.

2. Faodaidh gum bi cleachdadh na còrach seo fo chuingealachaidhean sònraichte, ach cha bhi iad seo ach mar a tha air an ullachadh leis an lagh agus a tha riatanach:

(a) Airson meas do chòraichean is do chliù dhaoine eile; no

(b) Airson tèarainteachd nàiseanta no rian poblach, no slàinte no beusan poblach a dhìon.

Alt 14

1. Bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do chòir an leanaibh air saorsa beachdachaidh, cogaise is creideimh.

2. Bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do chòraichean is do dhleastanasan phàrantan agus, nuair a tha e iomchaidh, luchd-gleidhidh laghail, gus treòrachadh a thoirt don leanabh agus a’ cleachdadh a c(h)òrach air mhodh a tha air an aon rèir ri comasan an leanaibh a’ tighinn gu inbhe.

3. Faodaidh gum bi saorsa gus creideamh no beachdan neach a nochdadh dìreach fo na sriantan ud a tha air an òrdachadh leis an lagh agus a tha a dhìth gus sàbhailteachd, rian, slàinte no beusan poblach, no na còraichean bunaiteach is an t-saorsa bhunaiteach aig daoine eile, a dhìon.

Alt 15

1. Aithnichidh na Pàrtaidhean Stàite còraichean an leanaibh air saorsa còmhlachais agus air an t-saorsa gus cruinneachadh gu sìtheil.

2. Chan fhaodar cuingealachadh sam bith a chur ri cleachdadh nan còraichean seo seach an fheadhainn a chuirear a’ gèilleadh do lagh agus a tha a dhìth ann an saoghal deamocratach gus tèarainteachd nàiseanta no sàbhailteachd phoblach, rian poblach, dìon air slàinte no beusan poblach no dìon air còraichean is saorsa dhaoine eile, a ghleidheadh.

Alt 16

1. Cha bhrisear a-steach neo-riaghailteach no gu mì-laghail air prìobhaideachd, teaghlach, dachaigh no conaltradh leanaibh sam bith, no cha dèanar ionnsaigh mhì-laghail air (a h-)urram is a c(h)liù.

2. Tha còir aig an leanabh air dìon an lagha an aghaidh a leithid seo de bhriseadh a-steach no de dh’ionnsaighean.

Alt 17

Aithnichidh na Pàrtaidhean Stàite am feum sònraichte a nì na meadhanan agus nì iad cinnteach gu bheil cothrom aig an leanabh air fiosrachadh is stuth bho fharsaingeachd àiteachan nàiseanta is eadar-nàiseanta, gu h-àraidh an fheadhainn aig a bheil e mar amas a f(h)allaineachd shòisealta, spioradail is bheusach agus slàinte chorporra is inntinn a chur air adhart.

Gus seo a thoirt a-mach, nì na Pàrtaidhean Stàite mar a leanas:

(a) Na meadhanan a bhrosnachadh gus fiosrachadh is stuth a bhiodh gu leas sòisealta is cultarail an leanaibh a sgaoileadh a rèir spiorad alt 29;

(b) Co-obrachadh eadar-nàiseanta a bhrosnachadh ann an dèanamh, ann am malairt is ann an sgaoileadh an fhiosrachaidh is nan stuthan sin bho fharsaingeachd àiteachan cultarail, nàiseanta is eadar-nàiseanta;

(c) Dèanamh is sgaoileadh leabhraichean-chloinne a bhrosnachadh;

(d) Na meadhanan a bhrosnachadh gus spèis shònraichte a ghabhail do dh’fheumalachdan a thaobh cànain aig leanabh a bhuineas do mhion-bhuidheann no a tha na t(h)ùsanach;

(e) Leasachadh treòrachaidh iomchaidh gus an leanabh a dhìon bho fhiosrachadh is stuth a bhiodh cronail dha f(h)allaineachd a bhrosnachadh, mothachail air na h-ullachaidhean ann an uilt 13 is 18.

Alt 18

1. Nì na Pàrtaidhean Stàite an dìcheall gun aithnichear am prionnsapal gu bheil uallachaidhean coitcheann a thaobh àrach is leasachadh an leanaibh air an dà phàrant. Tha prìomh-uallach air pàrantan no, a rèir an t-suidheachaidh, air luchd-gleidhidh laghail, mu àrach is leasachadh an leanaibh. Is e an leas as fheàrr don leanabh a bhios mar àrd-phrìomhachas dhaibh.

2. Gus na còraichean am broinn a’ Chùmhnaint a tha ann an-dràsta a bharantachadh is a chur air adhart, bheir na Pàrtaidhean Stàite cobhair iomchaidh do phàrantan is luchd-gleidhidh ann an coileanadh nan uallachaidhean orra a thaobh togail na cloinne agus daingnichidh iad leasachadh bhuidhnean, ghoireasan agus sheirbheisean mu chùram na cloinne.

3. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum iomchaidh gus a dhèanamh cinnteach gum bi a’ chòir aig clann phàrantan a tha ag obair air buannachd a thoirt à seirbheisean is goireasan cùraim-chloinne air a bheil iad ion-roghnach.

Alt 19

1. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum reachdail, rianachail, sòisealta is foghlaim a tha iomchaidh gus an leanabh a dhìon bhon a h-uile seòrsa de dh’fhòirneart, leòn no de dhroch-dhìol corporra no inntinn, de dhearmad no de làimhseachadh dearmadach, de dhroch-dhìol no de mhì-chùram droch-dhìol gnè san àireamh, fhad is a thathar an cùram pàraint/phàrantan, luchd-gleidhidh no pearsa sam bith eile air a bheil cùram an leanaibh.

2. Bu chòir gun toireadh na ceuman dìona sin, a rèir mar a tha iomchaidh, ceuman èifeachdach leotha gus prògraman sòisealta a stèidheachadh a bheir an taic a tha a dhìth don leanabh agus don fheadhainn air a bheil cùram an leanaibh, cho math ri seòrsaichean eile dìona agus gus suidheachaidhean de dhroch-dhìol chloinne air an deach iomradh a thoirt gu h-àrd a shònrachadh, a nochdadh, a chur air adhart, a sgrùdadh, a làimhseachadh is a leantainn, agus, a rèir mar a tha iomchaidh, gus luchd-breitheanais a thoirt a-steach.

Alt 20

1. Bidh leanabh a tha air a t(h)oirt air falbh rè tamaill no gu buan bho àrainneachd an teaghlaich, no a chum a b(h)uannachd as fheàrr nach fhaodar a c(h)umail anns an àrainneachd sin, airidh air dìon is cobhair shònraichte a bheir an Stàit seachad.

2. Daingnichidh na Pàrtaidhean Stàite a rèir nan laghan nàiseanta aca cùram eile do leanabh mar sin.

3. Bheireadh a leithid de chùram leis, am measg rudan eile, cur ann an altram, kafalah fo lagh Islamach, uchdachd no ma tha feum air cur ann an ionadan iomchaidh gus cùram a thoirt do chloinn. Nuair a thathar a’ gabhail beachd air fuasglaidhean, bu chòir aire shònraichte a thoirt air cho ion-mhiannaichte agus a tha leanmhainneachd ann an àrach an leanaibh agus air saoghal cinnidheach, creideimh, cultarail is cànain an leanaibh.

Alt 21

Nì Pàrtaidhean Stàite a dh’aithnicheas agus/no a cheadaicheas siostam na h-uchdachd gum bi leas an leanaibh mar àrd-phrìomhachas agus nì iad mar a leanas:

(a) Nì iad cinnteach gum bi uchdachd an leanaibh air a ceadachadh dìreach leis na h-ùghdarrasan iomchaidh a nì co-dhùnadh, a rèir nan laghan is nam modhan iomchaidh agus a rèir an fhiosrachaidh gu lèir a tha buntainneach is earbsach, gum faodar an uchdachd a cheadachadh a thaobh inbhe an leanaibh mu phàrantan, chàirdean is luchd-gleidhidh laghail agus, ma bhios feum air, gu bheil na pearsaichean an sàs air cead le fios a thoirt don uchdachd a rèir na comhairle a dh’fhaodadh a bhith a dhìth;

(b) Aithnichidh iad gum faodar uchdachd eadar dùthchannan a mheas mar mhodh eile gus cùram a thoirt do leanabh, mura gabh an leanabh a chur ann an teaghlach altraim no uchdachd no nach gabh cùram a thoirt don leanabh ann an dòigh sam bith a tha iomchaidh ann an dùthaich an leanaibh;

(c) Nì iad cinnteach gum faigh an leanabh ann an uchdachd eadar dùthchannan dìon is inbhean a tha co-ionann ris an fheadhainn a tha ann an uchdachd nàiseanta;

(d) Gabhaidh iad a h-uile ceum iomchaidh gus a dhèanamh cinnteach, ann an uchdachd eadar dùthchannan, nach tig mar bhuaidh air an uchdachd buannachd ionmhais nach eil iomchaidh dhan fheadhainn a tha an sàs innte;

(e) Cuiridh iad air adhart, nuair a tha e iomchaidh, amasan an uilt a tha ann an-dràsta le bhith a’ dèanamh ullachaidhean no aontaidhean dà-thaobhach no ioma-thaobhach agus nì iad an dìcheall, taobh a-staigh an fhrèama seo, dèanamh cinnteach gun tèid a bhith a’ cur an leanaibh ann an dùthaich eile a dhèanamh le ùghdarrasan no buidhnean iomchaidh.

Alt 22

1. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite ceuman iomchaidh gus a dhèanamh cinnteach gum faigh leanabh a tha a’ tagradh inbhe fògarraich no a tha ga m(h)eas na f(h)ògarrach a rèir an lagha iomchaidh thall thairis no aig an taigh, biodh e an cuideachd a p(h)àrantan no neach sam bith eile no gun a bhith, dìon is cobhair dhaonnalach a tha iomchaidh gus na còraichean anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta agus ann an ionnsramaidean eadar-nàiseanta eile mu chòraichean daonna anns a bheil na Stàitean ainmichte nam Pàrtaidhean, a chleachdadh.

2. Airson an adhbhair seo, nì na Pàrtaidhean Stàite, a rèir mar a tha iad a’ meas iomchaidh, co-obrachadh ann an oidhirpean sam bith leis na Dùthchannan Aonaichte agus buidhnean iomchaidh eile eadar riaghaltasan no buidhnean neo-riaghaltais gus a leithid de leanabh a dhìon is a chuideachadh agus pàrantan no buill eile den teaghlach aig leanabh sam bith a tha na f(h)ògarrach a lorg gus fiosrachadh fhaighinn a bhios a dhìth gus a t(h)oirt air ais leis an teaghlach aige/aice. Ann an suidheachaidhean far nach gabh pàrantan sam bith no buill eile den teaghlach a lorg, thèid an aon dìon a thoirt don leanabh ri leanabh sam bith air a thoirt air falbh rè tamaill no gu buan bho àrainneachd an teaghlaich aige/aice air adhbhar sam bith, mar a mhìnichear anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta.

Alt 23

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh gum bu chòir gum biodh beatha làn is dhòigheil aig leanabh sam bith air a bheil ciorram inntinn no corporra, ann an suidheachadh a bheir seachad uaisleachd, a chuireas fèin-earbsa air adhart agus a chuidicheas gus an gabh an leanabh pàirt gu gnìomhach anns a’ choimhearsnachd.

2. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir an leanaibh air a bheil ciorram air cùram sònraichte agus brosnachaidh is daingnichidh iad, a rèir nan goireasan a tha rim faotainn, gun tèid cobhair a dh’iarrar agus a tha a’ freagairt air cor an leanaibh agus air suidheachadh nam pàrantan agus dhaoine eile a bheir cùram don leanabh, don leanabh iomchaidh agus don fheadhainn ris a bheil a c(h)ùram an urra.

3. Mothachail air na feumalachdan sònraichte a tha aig leanabh air a bheil ciorram, thèid cobhair a bheirear seachad a rèir paragraf 2 den alt a tha ann an-dràsta, a thoirt seachad saor is an-asgaidh, nuair a ghabhas e dèanamh, mothachail air goireasan ionmhasail nam pàrantan no dhaoine eile a bheir cùram don leanabh, agus leis an amas dèanamh cinnteach gum bi cothrom èifeachdach aig an leanabh air a bheil ciorram air foghlam, trèanadh seirbheisean cùraim-shlàinte, seirbheisean ath-ghnàthachaidh, ullachadh airson cosnaidh agus cothroman chur-seachadan agus gum faigh e/i iad ann an dòigh a chuidicheas gus am faigh an leanabh an t-amalachadh sòisealta is an leasachadh pearsanta as coileanta, leasachadh cultarail is spioradail anns an àireamh.

4. Cuiridh na Pàrtaidhean Stàite air adhart, ann an spiorad co-obrachaidh eadar-nàiseanta, malairt fiosrachaidh iomchaidh, ann an cùram-slàinte casgach agus làimhseachadh leigheis, eòlas-inntinn is obrachail do chloinn air a bheil ciorram, a’ gabhail a-steach sgaoileadh is ruigsinn fiosrachaidh mu mhodhan seirbheisean ath-ghnàthachaidh, foghlaim is dhreuchdan, leis an amas a bhith a’ cur air chomas do na Pàrtaidhean Stàite cur ri comas is sgilean agus gus an t-eòlas aca sna raointean seo a leudachadh. A thaobh seo, thèid aire shònraichte a thoirt do dh’fheumalachdan nan dùthchannan fo leasachadh.

Alt 24

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir an leanaibh air an ìre as àirde de shlàinte a bhith aige/aice agus air goireasan gus tinneas a leigheas agus slàinte ath-ghnàthachadh. Nì na Pàrtaidhean Stàite an dìcheall dèanamh cinnteach nach bi leanabh sam bith gun a’ chòir aige/aice air cothrom air a leithid de sheirbheisean cùraim-shlàinte.

2. Iarraidh na Pàrtaidhean Stàite gun tèid a’ chòir seo a thoirt gu buil gu h-iomlan agus, gu sònraichte, gabhaidh iad ceuman iomchaidh:

(a) Gus bàs leanaban is leanabh a lùghdachadh;

(b) Gus a dhèanamh cinnteach gun tèid a’ chobhair-leigheis is cùram-slàinte a tha a dhìth a thoirt don chloinn uile le cuideam air leasachadh air prìomh chùram-slàinte;

(c) Gus cur an aghaidh galar is dìth-beathachaidh, agus taobh a-staigh an fhrèama mu phrìomh chùram-slàinte, le bhith, am measg rudan eile, a’ toirt seachad deagh bhiadh gu leòr agus uisge glan ri òl, mothachail air na cunnartan is na riosgan mu thruailleadh air an àrainneachd;

(d) Gus cùram-slàinte iomchaidh ro bhreith agus an dèidh breith a dhaingneachadh do mhàthraichean;

(e) Gus a dhèanamh cinnteach gum bi fios aig a h-uile roinn, pàrantan is clann gu sònraichte, gum bi cothrom aca air foghlam agus gum faigh iad taic le fios bunaiteach mu shlàinte is mu bheathachadh chloinne, na buannachdan mu bhith a’ beathachadh air a’ chìch, slàinteachas agus slàintealachd àrainneachd agus casg air tubaistean;

(f) Treòrachadh mu phrìomh chùram-slàinte casgach a chur ri chèile do phàrantan agus foghlam is seirbheisean mu dhealbhachadh-teaghlaich.

3. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum èifeachdach is iomchaidh gus crìoch a chur air cleachdaidhean traidiseanta a nì cron air slàinte na cloinne.

4. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite os làimh co-obrachadh eadar-nàiseanta a bhrosnachadh is a chur air adhart gus a’ chòir a dh’aithnichear anns an alt làithreach a thoirt gu buil beag is beag. A thaobh seo, bu chòir a bhith mothachail gu sònraichte air feumalachdan dhùthchannan fo leasachadh.

Alt 25

Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir an leanaibh a chaidh a chur ann an ionad leis na h-ùghdarrasan iomchaidh gus a s(h)làinte corporra no inntinn a dhìon no a làimhseachadh no gus cùram a thoirt dha/dhi, air ath-sgrùdadh bho àm gu àm air an làimhseachadh a chaidh a thoirt don leanabh agus a h-uile suidheachadh eile a bhuineas ris/rithe a’ chur an ionad.

Alt 26

1. Aithnichidh na Pàrtaidhean Stàite a’ chòir don a h-uile leanabh air buannachd a thoirt à tèarainteachd shòisealta, a ghabhas a-steach àrachas sòisealta, agus gabhaidh iad na ceuman a dhìth gus a’ chòir seo a thoirt gu buil gu h-iomlan a rèir an lagha nàiseanta aca.

2. Bu chòir gun tèid na sochairean, nuair a tha e iomchaidh, a bhuileachadh, mothachail air goireasan is suidheachadh an leanaibh agus nam pearsaichean ris a bheil cumail suas an leanaibh an urra, cho math ri ceist sam bith eile a bhuineas ris an iarrtas airson shochairean le leanabh no às a leth.

Alt 27

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh na còrach a tha aig a h-uile leanabh air ìre bith-beò a tha gu leòr airson leasachadh corporra, inntinn, spioradail, moralta is sòisealta an leanaibh.

2. Tha am prìomh-uallach air pàrant(an) no feadhainn eile ris a bheil an leanabh an urra, a rèir a’ chomais agus an ionmhais aca, an ìre bith-beò a tha a dhìth gus an tèid an leanabh a thoirt gu ìre fhaighinn.

3. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite, a rèir an t-suidheachaidh nàiseanta agus an ionmhais aca, ceuman iomchaidh a chuidicheas ri pàrantan agus feadhainn eile ris a bheil an leanabh an urra gus a’ chòir seo a thoirt gu buil agus nuair a thathar ann an èiginn, bheir iad cobhair stuthach agus prògraman taic seachad, gu sònraichte a thaobh beathachaidh, aodaich is taigheadais.

4. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite gach ceum iomchaidh gus cumail suas an leanaibh fhaotainn air ais bho na pàrantan no bho dhaoine eile air a bheil uallach a thaobh ionmhais airson an leanaibh, an dà chuid an taobh a-staigh na Pàrtaidh Stàite agus thall thairis. Gu sònraichte, nuair a bhios an neach air a bheil uallach a thaobh ionmhais airson an leanaibh a’ fuireach ann an Stàit seach far a bheil an leanabh, cuiridh na Pàrtaidhean Stàite cothroman air adhart air aontaidhean eadar-nàiseanta no co-dhùnaidhean nan aontaidhean sin, agus nì iad uallachaidhean iomchaidh eile.

Alt 28

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir an leanaibh air foghlam, agus gus a’ chòir seo a thoirt gu buil beag is beag agus a rèir co-ionannachd chothroman, nì iad gu sònraichte mar a leanas:

(a) Nì iad foghlam bun-sgoile èigneachail agus ri fhaotainn dhan a h-uile duine;

(b) Brosnaichidh iad leasachadh air caochladh sheòrsaichean de dh’fhoghlam àrd-sgoile, nam measg foghlam coitcheann is dreuchdail, bheir iad cothrom orra do gach leanabh, agus gabhaidh iad ceuman iomchaidh leithid toirt a-steach foghlaim an-asgaidh agus taic-ionmhais a thairgsinn nuair a thathar an èiginn;

(c) Bheir iad cothrom air foghlam àrd-ìre dhan a h-uile duine a rèir comais anns gach dòigh a tha iomchaidh;

(d) Bheir iad cothrom air fiosrachadh air foghlam is dreuchdan don chloinn uile;

(e) Gabhaidh iad ceuman gus frithealadh cunbhalach air na sgoiltean agus lùghdachadh air an ìre a’ fàgail na sgoile a bhrosnachadh.

2. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum iomchaidh gus a dhèanamh cinnteach gun tèid a smachd a thoirt seachad ann an dòigh a tha a rèir uaisleachd an leanaibh agus a’ gèilleadh don Chùmhnant làithreach.

3. Sgaoilidh is brosnaichidh na Pàrtaidhean Stàite co-obrachadh eadar-nàiseanta anns gach cùis ceangailte ri foghlam, gu h-àraidh gus cuideachadh gus crìoch a chur air aineolas agus neo-litireachd air feadh an t-saoghail agus cothrom a thoirt air eòlas saidheansail is teicnigeach agus modhan-teagaisg an latha an-diugh. A thaobh seo, bu chòir a bhith mothachail gu sònraichte air feumalachdan dhùthchannan fo leasachadh.

Alt 29

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aontachadh gun tèid foghlam an leanaibh amas air:

(a) Pearsantachd, tàlantan agus comas inntinn is corporra an leanaibh a thoirt gu ìre chun na h-ìre as motha;

(b) Leasachadh a thoirt air meas do chòraichean daonna is do shaorsa bhunaiteach, agus do na prionnsapalan am broinn Cairt nan Dùthchannan Aonaichte;

(c) Leasachadh a thoirt air meas do phàrantan an leanaibh, dha (h-)ìomhaigh chultarail, dha c(h)ànan is dha luachan, do luachan nàiseanta na dùthcha sa bheil an leanabh a’ fuireach, na dùthcha às an tàinig e/i, agus do shìobhaltachdan seach a s(h)ìobhaltachd fhèin;

(d) Ullachadh an leanaibh airson beatha chunntasach anns an t-sòisealtas, ann an spiorad tuigse, sìthe, fulangais, co-ionannachd ghnè, agus càirdeis am measg a h-uile duine, cinnidh, buidhne nàiseanta is creideimh agus tùsanaich;

(e) Leasachadh a thoirt air meas don àrainneachd nàdarra.

2. Cha tèid brìgh a thoirt à pàirt sam bith den alt làithreach no de dh’alt 28 gus briseadh a-steach air saorsa dhaoine is bhuidhnean gus buidhnean-foghlaim a stèidheachadh is a stiùireadh, daonnan a rèir a’ phrionnsapail a nochd ann am paragraf 1 den alt làithreach agus fon riatanas gun coilean am foghlam a bheirear seachad sna buidhnean sin co-dhiù na h-inbhean as lugha a dh’òrdaicheas an Stàit.

Alt 30

Anns na Stàitean ud far a bheil mion-bhuidhnean cinnidheach, creideimh no cànain air no tùsanaich, cha tèid a’ chòir aig leanabh a bhuineas ri leithid de bhuidheann no a tha na t(h)ùsanach cuide ri buill eile den bhuidhinn aige/aice, a c(h)ultar fhèin a leantail, a c(h)reideamh fhèin aideachadh is a chleachdadh, no a c(h)ànan fhèin a chleachdadh.

Alt 31

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir an leanaibh air fois is cur-seachadan, dol an sàs ann an cluich is cur-seachadan a fhreagras air aois an leanaibh agus pàirt a ghabhail gun bhacadh anns an t-saoghal chultarail agus anns na h-ealainean.

2. Sgaoilidh agus bheir na Pàrtaidhean Stàite meas do chòir an leanaibh air pàirt a ghabhail gu h-iomlan anns a’ bheatha chultarail is ealanaich agus brosnaichidh iad gun tèid co-ionannachd chothroman iomchaidh ullachadh do ghnìomhachdan cultarail is ealanach agus cur-seachadan.

Alt 32

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir an leanaibh air a bhith air a d(h)ìon bho brath a bhith air a ghabhail orra gu h- eaconamach agus a bhith a’ dèanamh obair sam bith a dh’fhaodadh a bhith na cunnart no na briseadh air foghlam an leanaibh, no cron a dhèanamh air toirt an leasachadh an leanaibh a thaobh na slàinte, corporra no na inntinn, no gu spioradail, moralta no sòisealta.

2. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite ceuman reachdail, rianachail, sòisealta is foghlaim gus a dhèanamh cinnteach gun tèid an t-alt làithreach a thoirt gu buil. Gus seo a dhèanamh, agus ann a bhith mothachail air na h-ullachaidhean buntainneach ann an ionnsramaidean eadar-nàiseanta eile, nì na Pàrtaidhean Stàite mar a leanas gu sònraichte:

(a) Ullachadh a dhèanamh mun aois no aoisean as ìsle gus dol an ceann cosnaidh;

(b) Ullachadh a dhèanamh mu riaghladh iomchaidh air uairean is cor a’ chosnaidh;

(c) Ullachadh a dhèanamh mu pheanasachadh iomchaidh no mu smachd eile gus a dhèanamh cinnteach gun tèid an t-alt  làithreach a thoirt gu buil gu h-èifeachdach.

Alt 33

Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum iomchaidh, ceuman reachdail, rianachail, sòisealta is foghlaim nam measg, gus clann a dhìon bho chleachdadh neo-cheadaichte dhrogaichean narcotaig agus stuthan psychotropic mar a mhìnichear anns na cunnraidhean eadar-nàiseanta a tha buntainneach, agus casg a chur air cleachdadh na cloinne ann an dèanamh is malairt neo-cheadaichte nan stuthan sin.

Alt 34

Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite os làimh an leanabh a dhìon bhon a h-uile seòrsa de gabhail-brath fèiseil agus de dhroch-dhìol feiseil. Airson nan adhbharan seo, gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite gu sònraichte a h-uile ceum nàiseanta, dà-thaobhach is ioma-thaobhach iomchaidh gus casg a chur air:

(a) Toirt air an leanabh dol an sàs ann an gnìomhan feiseil sam bith a tha mì-laghail;

(b) Droch-chleachdadh chloinne ann an strìopachas no cleachdaidhean feiseil eile a tha mì-laghail;

(c) Droch-chleachdadh chloinne ann an dèanadas no stuthan drabasta.

Alt 35

Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum a tha iomchaidh, nàiseanta, dà-thaobhach is ioma-thaobhach gus casg a chur air toirt am bruid, reic mo malairt chloinne air adhbhar no ann an cruth sam bith.

Alt 36

Dìonaidh na Pàrtaidhean Stàite an leanabh bhon a h-uile seòrsa eile de ghabhail-brath, a bheir droch bhuaidh air taobh sam bith de leas an leanaibh.

Alt 37

Nì na Pàrtaidhean Stàite cinnteach:

(a) Nach fhuiling leanabh sam bith pianadh no làimhseachadh no peanasachadh sam bith eile a tha an-iochdmhor, mì-dhaonna no maslach. Cha tèid peanasachadh-bàis no prìosanachadh fad beatha gun chothrom air fuasgladh a chur airson eucoirean le daoine fo aois ochd bliadhna deug;

(b) Cha tèid a shaorsa a thoirt air falbh gu mì-laghail no gu neo-riaghailteach bho leanabh sam bith. Bidh gabhail an greim, gleidheadh no prìosanachadh leanaibh a rèir an lagha agus cha tèid a chleachdadh ach a-mhàin mar cheum-deiridh agus fad na h-ùine as giorra;

(c) Thèid gach leanabh a chaill a shaorsa a làimhseachadh le daonnachd agus meas don uaisleachd nàdarra a tha aig mac an duine, agus ann an dòigh a tha mothachail air feumalachdan neach aig an aois aig a bheil iad. Gu sònraichte, thèid gach leanabh a chaill a s(h)aorsa a sgaradh bho inbhich nas lugha na thathar den bheachd gu bheil e gu leas an leanaibh gun a leithid a dhèanamh agus bidh a’ chòir aige/aice air ceangal a chumail ris an teaghlach aige/aice tro chonaltradh is tro chuairtean, ach a-mhàin ann an suidheachaidhean air leth;

(d) Bidh a’ chòir aig a h-uile leanabh a chaill a s(h)aorsa air cothrom air cobhair laghail is cobhair iomchaidh eile gu luath, cho math ris a’ chòir dùbhlan a thoirt air laghalachd a bhith a’ toirt a s(h)aorsa air falbh ann an cùirt no ùghdarras eile a tha iomchaidh, neo-eisimeileach agus gun chlaonadh, agus air co-dhùnadh luath air gnìomh sam bith mar sin.

Alt 38

1. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite os làimh meas is daingneachadh a thoirt do na riaghailtean mu lagh eadar-nàiseanta daonnalachd a tha iomchaidh dhaibh ann an strì fo arm a tha buntainneach don leanabh.

2. Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum a ghabhas dèanamh gus a dhaingneachadh nach gabh daoine nach do ràinig aois còig bliadhna deug pàirt dìreach ann an strì den t-seòrsa sin.

3. Chan fhastaich na Pàrtaidhean Stàite duine sam bith nach do ràinig aois còig bliadhna deug san arm aca. Ann a bhith a’ fastadh à measg nan daoine sin a tha air aois còig bliadhna deug a ruigheachd ach nach eil ochd bliadhna deug fhathast, nì na Pàrtaidhean Stàite an dìcheall prìomhachas a thoirt don fheadhainn as sine.

4. A rèir nan dleastanasan fo lagh eadar-nàiseanta na daonnalachd gus saoranaich a dhìon ann an strì fo arm, gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum a ghabhas dèanamh gus a dhaingneachadh gun tèid clann air a bheil strì fo arm a’ toirt buaidh a dhìon agus gun tèid cùram a thoirt dhaibh.

Alt 39

Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite a h-uile ceum iomchaidh gus slànachadh corporra is inntinn agus ath-amalachadh leanaibh a dh’fhuiling seòrsa sam bith de dhearmad, de ghabhail-brath, no de dhroch-dhìol; de phianadh no seòrsa sam bith eile de làimhseachadh no de pheanasachadh a tha an-iochdmhor, mì-dhaonna no maslach; no strì fo arm, a chur air adhart. Thèid a leithid de shlànachadh is de ath-amalachadh a chumail ann an àrainneachd a dh’àraicheas slàinte, fèin-mheas is uaisleachd an leanaibh.

Alt 40

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite ag aithneachadh còir a h-uile leanaibh a dh’fhàgadh air/oirre, a chuireadh às a leth, no a dh’aithnichear airson lagh a’ pheanais a bhriseadh gun tèid a làimhseachadh air mhodh a tha air an aon rèir ri cur air adhart tuigse an leanaibh air uaisleachd is luach, a dhaingnicheas meas an leanaibh air còraichean daonna agus saorsa bhunaiteach dhaoine eile agus a tha mothachail air aois an leanaibh agus cho ion-mhiannaichte is a tha ath-amalachadh an leanaibh agus gum faigh an leanabh àite cruthachail air ais san t-sòisealtas..

2. Gus seo a thoirt a-mach, agus mothachail air na h-ullachaidhean buntainneach ann an ionnsramaidean eadar-nàiseanta, nì na Pàrtaidhean Stàite cinnteach gu sònraichte:

(a) Chan fhàgar air, cha chuirear às leth no chan aithnichear leanabh sam bith gun do bhris e/i lagh a’ pheanais air adhbharan ghnìomhan no dhearmadan nach robh toirmisgte le lagh nàiseanta no eadar-nàiseanta nuair a chaidh an dèanamh;

(b) Tha na barantasan a leanas aig a h-uile leanabh a dh’fhàgadh air/oirre no a chuireadh às a leth gun do bhris e/i lagh a’ pheanais air a’ char as lugha dheth:

(i) Gun gabhar ris gu bheil e/i neo-chiontach gus an tèid a dhearbhadh gu bheil e/i ciontach a rèir an lagha;

(ii) Gum faigh e/i fios gu luath is gu dìreach mu na casaidean na (h-)aghaidh, agus, ma tha e iomchaidh, tro na pàrantan no tron luchd-gleidhidh laghail aige/aice, agus gum bi cobhair laghail is cobhair iomchaidh eile aige/aice ann a bhith ag ullachadh is a’ lìbhrigeadh an dìona aige/aice;

(iii) Gun tèid a’ chùis a rèiteach gun dàil le ùghdarras a tha iomchaidh, neo-eisimeileach is gun chlaonadh ann an èisteachd cheart a rèir an lagha, le cobhair laghail no cobhair iomchaidh eile an làthair agus, nas lugha tha thathar a’ meas nach eil e gu leas an leanaibh, gu sònraichte, mothachail air an aois is air an t-suidheachadh aige/aice, aig na pàrantan no an luchd-gleidhidh laghail aige/aice;

(iv) Nach tèid a sparradh air/oirre gun toir e/i fianais no gun aidich e/i ciont ; gun sgrùdaich e/i luchd-fianaise na (h-)aghaidh no gun tèid an sgrùdadh agus faigh e/i com-pàirteachadh is sgrùdadh luchd-fianaise às a leth ann an suidheachadh co-ionannachd;

(v) Ma thathar den bheachd gun do bhris e/i lagh a’ pheanais, gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ cho-dhùnadh seo agus buil sam bith a bheir e le ùghdarras no buidheann laghail nas àirde a tha iomchaidh, neo-eisimeileach is gun chlaonadh a rèir an lagha;

(vi) Gum faigh e/i cobhair an-asgaidh bho eadar-theangaiche mura bheil an leanabh a’ tuigsinn no a’ bruidhinn a’ chànain a thathar a’ cleachdadh;

(vii) Gun tèid meas iomlan a thoirt dha p(h)rìobhaideachd aig a h-uile ceum de na h-imeachdan.

3. Feuchaidh na Pàrtaidhean Stàite ri laghan, modhan, ùghdarrasan is buidhnean a stèidheachadh a fhreagras gu sònraichte air a’ chloinn air am fàgar, no a chuirear às an leth no a dh’aithnichear gun do bhris iad lagh a’ pheanais agus, gu sònraichte:

(a) An aois as òige a stèidheachadh fo nach gabhar ris gu bheil de chomas aig cloinn lagh a’ pheanais a bhriseadh;

(b) Nuair a tha e iomchaidh is ion-mhiannaichte, ceuman gus clann mar sin a làimhseachadh gun dol an sàs ann an imeachdan laghail, fhad is a thèid meas iomlan a thoirt do chòraichean daonna is do dhìon laghail.

4. Bidh cothrom air caochladh cheuman, leithid òrdain-chùraim, òrdain-stiùiridh is òrdain-faire; comhairleachadh; probhadh; cùram-altraim; foghlam is trèanadh dreuchdail agus roghainnean eile seach cùram ann ann an institiudan gus a dhèanamh cinnteach gun tèid clann a làimhseachadh ann an dòigh a fhreagras air am fallaineachd agus a tha a rèir an dà chuid an t-suidheachaidh aca agus na h-eucorach.

Alt 41

Cha toir rud sam bith sa Chùmhnant làithreach buaidh air ullachaidhean sam bith a tha nas cuideachaile gus còraichean an leanaibh a thoirt gu buil agus a dh’fhaodadh a bhith ann an:

(a) Lagh na Pàrtaidh Stàite; no

(b) Lagh eadar-nàiseanta a tha an gnìomh airson na Stàite sin.

PÀIRT II

Alt 42

Gabhaidh na Pàrtaidhean Stàite os làimh gum bi prionnsapalan is ullachaidhean a’ Chùmhnaint aithnichte gu farsaing, ann an dòighean a tha iomchaidh is gnìomhach, do dh’inbhich is do chloinn le chèile.

Alt 43

1. Gus sgrùdadh a dhèanamh air an adhartas a rinn na Pàrtaidhean Stàite gus na dleastanasan a ghabhadh os làimh anns a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta a thoirt gu buil, thèid Comataidh air Còraichean an Leanaibh a stèidheachadh, a choileanas na gnìomhan a leanas.

2. Bidh a’ Chomataidh air a dèanamh suas le deichnear eòlaichean a tha aig inbhe àrd moraltachd agus aig a bheil comas aithnichte ann an raon a’ Chùmhnaint. Thèid buill na Comataidh a thaghadh le Pàrtaidhean Stàite bho am measg nan saoranach aca agus bidh iad a’ frithealadh mar phearsaichean fa leth, agus bhithear mothachail a bheil iad air an sgapadh gu cothromach gu cruinn-eòlach agus air na prìomh-shiostaman laghail.

3. Thèid buill na Comataidh a thaghadh le baileat dìomhair bho liosta dhaoine a dh’ainmicheas na Pàrtaidhean Stàite. Faodaidh a h-uile Stàit na Pàrtaidh aon neach bho na nàiseantaich aice fhèin ainmeachadh.

4. Thèid a’ chiad taghadh don Chomataidh a chumail sia mìosan air a’ char as fhaide bhon cheann-là a thàinig an Cùmhnant làithreach gu buil agus an dèidh sin a h-uile dara bliadhna. Ceithir mìosan co-dhiù ro cheann-là gach taghaidh, cuiridh Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte fios gu Pàrtaidhean Stàite a’ toirt cuiridh dhaibh na h-ainmean aca a chur a-steach taobh a-staigh dà mhìos. Nì an t-Àrd-rùnaire liosta an dèidh sin den a h-uile duine a thathar air ainmeachadh mar sin, a’ leigeil fhaicinn cò na Pàrtaidhean Stàite a dh’ainmich iad, agus cuiridh e chun nan Stàitean a tha nam Pàrtaidhean don Chùmhnant làithreach i.

5. Thèid na taghaidhean a chumail aig coinneamhan de na Pàrtaidhean Stàite air an gairm leis an Àrd-rùnaire aig Prìomh-oifis nan Dùthchannan Aonaichte. Aig na coinneamhan sin, far am bi dà thrian de na Pàrtaidhean Stàite na chuòram, is iad na daoine a thaghar air a’ Chomataidh an fheadhainn a gheibh an àireamh as motha de na bhòtaichean agus mòr-chuid iomlan de bhòtaichean riochdairean nam Pàrtaidhean Stàite a tha an làthair agus a’ bhòtadh.

6. Thèid buill na Comataidh a thaghadh fad ceithir bliadhna. Bidh iad ion-roghnach air ath-thaghadh ma thèid an ainmeachadh. Thig ùine còigneir de na buill a roghnaicheadh aig a’ chiad taghadh gu crìch aig ceann dà bhliadhna; gu dìreach an dèidh dhan chiad taghadh a bhith ann, thèid ainmean a’ chòigneir seo a thaghadh le croinn le Cathraiche na coinneimh.

7. Ma dh’eugas ball den Chomataidh mo ma leigeas e dheth/dhith a dhreuchd no ma chuireas e/i an cèill air adhbhar sam bith eile nach tèid aige/aice air dleastanasan na Comataidh a choileanadh, cuiridh am Pàrtaidh Stàite a dh’ainmich am ball eòlaiche eile an dreuchd bho na saoranaich aice gus frithealadh an còrr den ùine, an crochadh air cead bhon Chomataidh.

8. Stèidhichidh a’ Chomataidh a cuid riaghailtean fhèin mu mhodhan.

9. Taghaidh a’ Chomataidh a cuid oifigearan fad dà bhliadhna.

10. Thèid coinneamhan na Comataidh a chumail mar as trice aig Prìomh-oifis nan Dùthchannan Aonaichte no aig àite freagarrach sam bith eile mar a shocraicheas a’ Chomataidh. Bidh a’ Chomataidh a’ coinneachadh turas gach bliadhna mar as trice. Thèid faid coinneamhan na Comataidh a shocrachadh, agus ath-sgrùdadh, ma bhios feum air, le coinneamh aig na Pàrtaidhean Stàite don Chùmhnant làithreach, an crochadh air cead bhon Àrd-sheanadh.

11. Bheir Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte an luchd-obrach is na goireasan a tha a dhìth seachad airson dèanadas èifeachdach gnìomhan na Comataidh fon Chùmhnant làithreach.

12. Le cead bhon Àrd-sheanadh, gheibh buill na Comataidh a chaidh a stèidheachadh fon Chùmhnant làithreach sochairean bho ghoireasan nan Dùthchannan Aonaichte a rèir nan cumhaichean is nan coingheall a shocraicheas an t-Àrd-sheanadh.

Alt 44

1. Tha na Pàrtaidhean Stàite a’ gabhail os làimh gun cuir iad chun na Comataidh, tro Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte, aithisgean air na ceuman a ghabh iad a bheir èifeachd do na còraichean a dh’aithnichear am broinn seo agus air an adhartas a rinneadh air cleachdadh nan còraichean sin:

(a) Taobh a-staigh dà bhliadhna bhon cheann-là a thàinig an Cùmhnant an gnìomh anns a’ Phàrtaidh Stàite a tha an sàs;

(b) An dèidh sin a h-uile còig bliadhna.

2. Bheir aithisgean a nithear fon alt làithreach iomradh air cùisean is duilgheadasan, ma tha gin dhiubh, a’ bualadh air an ìre dhan deach na dleastanasan fon Chùmhnant làithreach a choileanadh. Sna h-aithisgean cuideachd bidh gu leòr de dh’fhiosrachadh gus am faigh a’ Chomataidh tuigse làn air toirt a’ Chùmhnaint gu buil anns an dùthaich air a bheilear a-mach.

3. Chan fheum Pàrtaidh Stàite a chuir a-steach ciad aithisg choileanta don Chomataidh fiosrachadh bunaiteach a chaidh a thoirt seachad a-cheana a thoirt a-rithist sna h-aithisgean a chuirear a-steach an dèidh sin a rèir paragraf 1 (b) den alt làithreach.

4. Faodaidh a’ Chomataidh barrachd fiosrachaidh a bhuineas ri toirt a’ Chùmhnaint gu buil iarraidh air na Pàrtaidhean Stàite.

5. Bheir a’ Chomataidh aithisg air an obair aice don Àrd-sheanadh, tron Chomhairle Eaconamaich is Shòisealta, a h-uile dà bhliadhna..

6. Sgaoilidh na Pàrtaidhean Stàite na h-aithisgean aca gu farsaing don phoball anns na dùthchannan aca fhèin.

Alt 45

Gus toirt gu buil èifeachdach a’ Chùmhnaint adhbharachadh agus co-obrachadh eadar-nàiseanta a bhrosnachadh ann an raon a’ Chùmhnaint:

(a) Bidh de chòir aig buidhnean-gnìomha sònraichte, Maoin Chloinne nan Dùthchannan Aonaichte agus buidhnean eile aig na Dùthchannan Aonaichte a bhith gan riochdachadh nuair a thathar a’ beachdachadh air toirt ullachaidhean sa Chùmhnant làithreach gu buil a tha an taobh a-staigh raon an ùghdarrais aca. Faodaidh a’ Chomataidh cuireadh a thoirt do na buidhnean-gnìomha sònraichte, do Mhaoin Chloinne nan Dùthchannan Aonaichte agus do bhuidhnean iomchaidh eile mar a tha i a’ meas iomchaidh comhairle fiosrachail a thoirt seachad mu thoirt a’ Chùmhnaint gu buil ann an raointean tha an taobh a-staigh ùghdarras a chèile. Faodaidh a’ Chomataidh cuireadh a thoirt do na buidhnean-gnìomha sònraichte, do Mhaoin Chloinne nan Dùthchannan Aonaichte agus do bhuidhnean eile aig na Dùthchannan Aonaichte aithisgean a thoirt mu thoirt a’ Chùmhnaint gu buil ann an raointean an taobh a-staigh nan gnìomhan aca;

(b) Bheir a’ Chomataidh, a rèir mar a tha i a’ meas iomchaidh, do na buidhnean-gnìomha, do Mhaoin Chloinne nan Dùthchannan Aonaichte agus do bhuidhnean iomchaidh eile, aithisgean sam bith bho Pàrtaidhean Stàite anns a bheil tagradh, no a chuireas an cèill gu bheil feum air, comhairle no cobhair theicnigeach, cho math ri beachdan is molaidhean na Comhairle, ma tha gin, air na tagraidhean is air an fhios seo;

(c) Faodaidh a’ Chomataidh moladh don Àrd-Sheanadh iarraidh air an Àrd-Rùnaire rannsachadh a ghabhail os làimh às a leth air ceistean sònraichte a bhuineas ri còraichean an leanaibh;

(d) Faodaidh a’ Chomataidh molaidhean a dhèanamh san fharsaingeachd a rèir an fhiosrachaidh a gheibhear fo uilt 44 is 45 den Chùmhnant làithreach. Thèid na molaidhean seo a chur gu Pàrtaidh Stàite sam bith agus thèid aithris a dhèanamh don Àrd-sheanadh, cho math ri beachdan, ma tha gin, bho na Pàrtaidhean Stàite.

PÀIRT III

Alt 46

Bidh an Cùmhnant làithreach fosgailte ri soighnigeadh leis na Stàitean uile.

Alt 47

Tha an Cùmhnant làithreach an crochadh air daingneachadh. Thèid ionnsramaidean-daingneachaidh a thasgadh le Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte.

Alt 48

Bidh an Cùmhnant làithreach fosgailte gus sealbhachadh le Stàit sam bith. Thèid na h-ionnsramaidean-sealbhachaidh a thasgadh le Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte.

Alt 49

1. Thig an Cùmhnant làithreach gu buil air an deicheamh là thairis air an fhichead an dèidh a’ chinn-là a thèid am ficheadamh ionnsramaid air daingneachadh no sealbhachadh a thasgadh le Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte.

2. Do gach Stàit a’ daingneachadh a’ Chùmhnaint no a’ gèilleadh dha an dèidh dhan fhicheadamh ionnsramaid air daingneachadh no sealbhachadh a bhith air a tasgadh, thig an Cùmhnant gu buil air an deicheamh là thairis air an fhichead an dèidh dhan Stàit sin an ionnsramaid aice air daingneachadh no sealbhachadh a thasgadh..

Alt 50

1. Faodaidh Pàrtaidh Stàite sam bith atharrachadh a mholadh agus a chur fa chomhair Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte. Cuiridh an t-Àrd-rùnaire an t-atharrachadh a thathar a’ moladh an cèill do na Pàrtaidhean Stàite, le iarrtas gun leig iad fhaicinn gu bheil iad ag iarraidh co-labhairt le Pàrtaidhean Stàite gus beachdachadh is bhòtadh air na molaidhean. Mas e, an taobh a-staigh ceithir mìosan bho cheann-là a’ bhratha sin, gu bheil co-dhiù trian de na Pàrtaidhean Stàite ag iarraidh a leithid de cho-labhairt, gairmidh an t-Àrd-rùnaire a’ cho-labhairt fo chùram nan Dùthchannan Aonaichte. Thèid atharrachadh sam bith ris an gabh a’ mhòr-chuid de na Pàrtaidhean Stàite a tha an làthair a chur chun an Àrd-rùnaire gus ceadachadh fhaighinn.

2. Thig atharrachadh ris an gabhar fo pharagraf 1 gu buil nuair a bhios e air a cheadachadh le Àrd-sheanadh nan Dùthchannan Aonaichte agus air a ghabhail ris le mòr-chuid de dhà thrian de na Pàrtaidhean Stàite.

3. Nuair a thig atharrachadh gu buil, bidh e ceangaltach air na Pàrtaidhean Stàite a ghabh ris, air Pàrtaidhean Stàite eile a tha fhathast ceangailte ri ullachaidhean a’ Chùmhnaint làithreach agus atharrachaidhean eile sam bith roimhe ris an do ghabh iad.

Alt 51

1. Gheibh agus sgaoilidh Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte do na Stàitean uile teacsa nan cumhachan-glèidhidh a nochd na Stàitean aig àm daingneachaidh no sealbhachaidh.

2. Cha cheadaichear cumha-glèidhidh nach eil a rèir amas is adhbhar a’ Chùmhnaint làithreach.

3. Faodar cumha-glèidhidh a tharraing air ais aig àm sam bith le brath mu dheidhinn gu Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte, a chuireas fios an uair sin chun nan Stàitean uile. Thig am brath sin gu buil air a’ cheann-là a gheibhear bhon Àrd-Rùnaire e.

Alt 52

Faodaidh Pàrtaidh Stàite an Cùmhnant a tha ann an-dràsta fhàgail ann am brath ann an sgrìobhadh gu Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte. Thig fàgail a’ Chùmhnaint gu buil bliadhna bhon cheann-là a gheibh an t-Àrd-rùnaire am brath.

Alt 53

Tha Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte air ainmeachadh mar neach -tasgaidh a’ Chùmhnaint a tha ann an-dràsta.

Alt 54

Thèid dreach tùsail den Chùmhnant a tha ann an-dràsta, le tionndaidhean ann an Arabais, sa Bheurla, ann am Fraingis, ann an Rùisis, ann an Sìnis agus ann an Spàinnis a cheart cho ùghdarrail, a thasgadh le Àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte. AM FIANAIS AIR SIN tha na làn-chumhachdaich gu h-ìseal, le ùghdarras mar as dlighe a leithid a dhèanamh le riaghaltasan a chèile, air an ainmean a chur ris a’ Chùmhnant a tha ann an-dràsta

1/ Chuir an t-Àrd-Sheanadh, ann an rùn 50/155 air 21 Dùbhlachd 1995, aonta ris an atharrachadh air alt 43, paragraf 2, den Chùmhnant air Còraichean an Leanaibh, a’ cur an àite an fhacail “deich” am facal “ochd deugh”. Thàinig an t-atharrachadh gu buil air 18 Samhain 2002 nuair a bha e air a ghabhail ris le mòr-chuid de dhà thrian de na Pàrtaidhean Stàite (128 a-mach à 191).