Samhlaidhean Cumhnant nan Duthchannan Aonaichte air Coraichean Chloinne

Tha sinn air tionnadh sìmplidh a dhèanamh de Chùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne .Tha e a’ mìneachadh nan 42 alt sa Chùmhnant a’ cleachdadh shamhlaidhean agus cànan a tha furasta a leughadh.

Dh’obraich sinn còmhla ri Coimiseanar na Cloinne airson na Cuimrigh agus Coimiseanar na Cloinne airson Sasainn gus an tionndadh seo a chruthachadh de Chùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne. Chaidh a dhèanamh le Widgit Software.

Is urrainn dhut an goireas a luchdadh a-nuas air-loidhne

Cò dha a tha an goireas seo?

Chaidh goireas nan Samhlaidhean againn a chruthachadh mar inneal-conaltraidh airson clann is òigridh:

  • a tha balbh,
  • aig a bheil duilgheadasan cainnt is cànain, no
  • aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd.

Faodar an cleachdadh cuideachd airson beachdan a chur an cèill mu chòraichean do chloinn glè òg.

Chaidh an goireas a dhealbhadh airson inbhich a tha ag obair le clann is daoine òga ann am farsaingeachd de shuidheachaidhean. Am measg nan inbheach a dh’fhaodadh a chleachdadh, tha:

  • pàrantan agus luchd-cùraim;
  • luchd-foghlaim,
  • luchd-obrach taice,
  • luchd-obrach òigridh, agus
  • cleachdaichean.

Cò a chuidich sinn gus an goireas seo a chruthachadh?

Chuidich clann agus daoine òga ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh sinn gus an goireas seo a dhèanamh.

Ann an Alba, fhuair sinn beachdan air na samhlaidhean bho chloinn agus daoine òga aig:

  • Sgoil-àraich Newark ann an Inbhir Chluaidh
  • Bun-sgoil Sràid Annette ann an Glaschu
  • Bun-sgoil Garnetbank ann an Glaschu
  • Sgoil Coresford ann an Siorrachd Rinn Friù, agus
  • na 10mh Cubs, Comar nan Allt, Siorrachd Lannraig a Tuath.

Taing mhòr dhan chloinn is òigridh uile a thug beachdan dhuinn a chuidich leis a’ ghoireas seo. Faic gailearaidh de na daoine a ghabh pàirt.

Chaidh Gàidhlig a chur air a’ ghoireas againn le Alpha Translate.