Leabhar-pòcaid

Tha an oifis againn air leabhar-pòcaid A6 gleansach a dhèanamh anns a bheil teacsa slàn Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne .

Tha na rudan a leanas anns an leabhar-pòcaid:

  • teacsa slàn Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne
  • liosta de na h-aithrisean coitcheann air fad air Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne, agus
  • liosta de chuid de na h-ionnsramaidean eile a tha a’ buntainn ri còraichean daonna na cloinne is na h-òigridh.

Faodaidh tu fios a chur thugainn gus na stuthan sin òrdachadh. Tha iad seo an-asgaidh agus cuiridh sinn iad gu àite sam bith ann an Alba an-asgaidh.

Cuir fios thugainn gus na stuthan òrdachadh

Tha na faclan cudromach

Tha fios againn gu bheil barrachd againn ri dhèanamh gus an Cùmhnant a mhìneachadh na bhith a’ sgaoileadh faclan a’ Chùmhnaint fhèin, ach tha na faclan fhèin cudromach.

’S e a th’ annta ach an gealltanas laghail - na geallaidhean - a tha an Riaghaltas air dèanamh do chloinn agus òigridh.

Tha sinn den bheachd gu bheil e cudromach gum faic òigridh na chaidh a ghealltainn dhaibh.

Tha teacsa slàn a’ Chùmhnaint na dheagh ghoireas tagraidh airson an fheadhainn a tha ag obair le - agus às leth - clann agus daoine òga, agus gabhaidh a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gun cùm daoine ann an cumhachd ris na geallaidhean a rinn iad.