Do chòraichean

Is e còraichean liosta de gheallaidhean do chloinn agus do dhaoine òga airson an cumail sàbhailte. Thèid an cleachdadh gus dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh riut gu cothromach agus gun tèid coimhead às do dhèidh.

Nuair a chanar gur e còir a th’ ann an rud sam bith, tha sin a’ ciallachadh nach urrainn do neach sam bith a thoirt air falbh bhuat. Is ann leatsa a tha e, agus tha e ann gus do dhìon agus do chuideachadh airson gum bi beatha mhath agad.

Faodar diofar ainmean a thoirt air còraichean do chloinn is do dhaoine òga, leithid còraichean cloinne no còraichean òigridh. Ge bith dè an t-ainm a th’ orra, ge-tà, tha iad ann airson gach cuid clann is daoine òga — bidh na h-aon chòraichean gad dhìon ge bith dè a’ bhuidheann dom buin thu.

Cò bhios a’ dìon do chòraichean?

Tha cha mhòr a h-uile dùthaich san t-saoghal air aontachadh dèanamh cinnteach gu bheil do chòraichean air an dìon le bhith a’ cuir an ainm ri pàipear ris an canar an UNCRC. Rinn Riaghaltas na RA seo, agus mar sin feumaidh iad dèanamh cinnteach gum bi iad a’ dìon do chòraichean. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba an dìon, cuideachd.

Tha Coimiseanair airson Clann is Daoine Òga ann an Alba. Is esan neach a nì cinnteach gun tèid do chòraichean a dhìon agus gun toirear spèis dhaibh anns a h-uile àite.

Is e Bruce Adamson an Coimiseanair a tha ann an-dràsta. Is esan fear as urrainn seasamh suas airson do chòraichean, agus tha oifis aige dom faod thu fios a chuir mura h-eil spèis ga thoirt dha do chòraichean. Bidh e a’ coimhead às dèidh chòraichean:

  • gach neach ann an Alba a tha fo aois 18

  • gach neach ann an Alba fo aois 21 a tha no a bha fo chùraim.

Dè na còraichean a th’ agad?

Tha mòran chòraichean diofraichte agad. Is e seo cuid den fheadhainn air am bu chòir aithne a bhith agad:

  • bu chòir gun cuirear na tha nas fheàrr air do shon air thoiseach an-còmhnaidh

  • tha còir agad air beatha, mairsinn agus leasachadh

  • feumar èisteachd riut agus sùim a ghabhail de do bheachdan a thaobh a h-uile gnothach a bheir buaidh ort.