
Tha Coimiseanair na Cloinne a’ cur air bhog fear de na goireasan as mòr-chòrdte do chloinn mu chòraichean daonna, ann an Gàidhlig an-diugh.
Chaidh an goireas mu Chùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne a dhealbhadh le taic bho chloinn agus tha e a’ cleachdadh shamhlaidhean agus cànan soilleir gus còraichean daonna na cloinne a mhìneachadh. Tha an goireas seo cuideachd a’ gabhail a-steach an teacsa air fad aig Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne anns a’ Ghàidhlig, a chaidh a chruthachadh le oifis a’ Choimiseanair mar ghoireas foghlaim is tagraidh.
Thathar a’ cur seo air bhog air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànanan Màthaireil aig na Dùthchannan Aonaichte agus chaidh a chruthachadh gu sònraichte airson clann òg.
Tha Coimiseanair Clann is Òigridh na h-Alba agus a sgioba a’ dol air turas de dhiofar sgoiltean-àraich is bun-sgoiltean san Eilean Sgitheanach air 21 Gearran gus an goireas a chur air bhog. Bidh iad ag obair le clann air taobh na Gàidhlig agus taobh na Beurla aig:
- Sgoil-araich Fàs Mòr
- Bun-sgoil an Àth Leathainn
- Bun-sgoil Shlèite
- Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Righ
- Bun-sgoil Mhalaig (Dihaoine 22)
Agus e a’ bruidhinn mun ghoireas Ghàidhlig ùr, thuirt Coimiseanair na Cloinne, Brùs Adamson gun robh e fìor thoilichte gu bheil an goireas mòr-chòrdte seo a-nis ann airson na cloinne uile aig a bheil Gàidhlig. Thuirt e,
“Bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile pàiste air fiosrachadh mu na còraichean aca fhèin sa chànan aca fhèin. ’S e an goireas seo am fear a bhios sinn a’ cleachdadh as trice oir bidh e a’ mìneachadh chòraichean chloinne do chloinn ann an dòigh shoilleir agus ruigsinneach. A chionn ’s gu bheil e ann an cruth lèirsinneach, tha e gu sònraichte feumail gus beachdan a chur an cèill do chloinn nas òige agus dhan fheadhainn aig a bheil duilgheadasan cainnt is cànain no feumalachdan taic a bharrachd. Tha sinn cuideachd air teacsa iomlan Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig – oir tha fios againn gu bheil na faclan fhèin cudromach cuideachd. Seo na gealltanasan laghail – na geallaidhean – a tha an Riaghaltas air a dhèanamh a thaobh clann is òigridh na h-Alba agus faodar a chleachdadh mar inneal tagraidh cumhachdach.“
Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig gu bheil iad gu mòr a’ cur fàilte air co-dhùnadh Coimiseanair na Cloinne na goireasan sin a dhèanamh sa Ghàidhlig agus airson a bhith a’ coinneachadh ri daoine òga agus inbhich a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thuirt i,
“Tha an t-amas anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gu bi barrachd Gàidhlig ga cleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine ann am barrachd shuidheachaidhean agus cuiridh na goireasan seo ris an amas seo. Tha mar a tha an Coimiseanair ag aithneachadh na Gàidhlig ann am beatha na h-Alba gu sònraichte iomchaidh ann am 2019, Bliadhna nan Cànanan Dùthchasach aig UNESCO.”